Skip to content

Foghlam Gàidhlig ann an Alba Goireasan Gàidhlig dhuinn uile

Foghlam Gàidhlig dhuinn uile
My name is not refugee

Chaidh an leabhar-dhealbhan cliùteach Chan e Fògarach m’ ainm a sgrìobhadh le Kate Milner.

Tha an leabhar a’ leantainn balach beag agus a mhàthair air turas bhon dachaigh ann an dùthaich nach deach ainmeachadh sa bheil cogadh, gu àite sàbhailte fada air falbh.

Tha an leabhar a’ dèiligeadh ris a’ mhì-chinnt, an iomagain, a’ chlaoidheadh an dlùth-cheangail eadar pàrant agus pàiste.

Air mòran dhuilleagan tha ceistean dìreach do leughadair a tha a’ brosnachadh co-fhaireachdainn agus cnuasachadh – dè dhèanadh tusa nan tachradh seo dhut?

Illustration: Mother and child

EACHDRAIDH – LINN A’ CHOGAIDH MHÒIR 1900–1928

Leabhar Cùrsa – Nàiseanta 4 and 5

Era of the Great War

Seo aon leabhar airson cùrsaichean Eachdraidh Nàiseanta 4 & 5 a thèid a mheasadh bho 2018. Bu chòir oileanaich trì phrìomh roinnean ann an Eachdraidh Nàiseanta 4 & 5 a sgrùdadh, agus tha taghadh farsaing de chuspairean annta (còig anns a’ chiad dhà, deich anns an treas fear). Tha an t-sreath a’ còmhdach dà chuspair anns gach roinn.
Seo na sia tiotalan san t-sreath:
◗ Eachdraidh Ìre Nàiseanta 4 & 5: Linn a’ Chogaidh Mhòir 1900–1928
◗ Eachdraidh Ìre Nàiseanta 4 & 5: Malairt Atlantaigeach nan Tràillean 1770–1807
◗ Eachdraidh Ìre Nàiseanta 4 & 5: Saor mu dheireadh thall? Còraichean Catharra sna
SA 1918–1968
Anns gach leabhar, tha fiosrachadh mionaideach air na ceithir earrannan riatanach de shusbaint airson Nàiseanta 5, cho math ri stiùireadh agus practas air sgrìobhadh Obair Shònraichte, agus air pròiseasan measaidh.


Postairean Ciùil

Chaidh na 33 postairean seo fhoillseachadh don dàrna/treas ìre le Stòrlann.

Cuideachd, le stiùir bho thidsearan, chaidh 5 de na postairean a chlò-bhualadh agus a chur gu sgoiltean.

Cùm sùil a-mach air an son ‘s iad a’ tighinn a dh’aithghearr!

Icon
Postairean Daydream - Seata slàn
Elements
comharran-ciuil

Plastaig

’S e goireas tar-churraicealam a tha seo a chuidicheas sgoilearan gu ionnsachadh mun a’ bhuaidh a th’ aig plastaig air an àrainneachd, air beathaichean agus air daoine air feadh an t-saoghail, carson a dh’fhàs e na thrioblaid mhòr, agus gu bheil pàirt aig gnìomhachasan, riaghaltasan, sgoiltean agus a’ mhòr-shluagh airson fuasgladh fhaighinn air a’ chùis.

Plastaig
YoS-logo-gaelic_supporting-white-ns

Sgeulachdan le Catrìona Lexy Chaimbeul

Catriona Lexy Campbell

Èistibh ri trì sgeulachdan bhon ùghdar, bana-bhàrd agus cleasaiche, Catrìona Lexy Chaimbeul agus gabh pàirt anns na bùithean-obrach a leanas. Gheibh sibh cothrom na sgeulachdan agaibh fhèin a dhèanamh san aon stoidhle. Chòrdadh e rinn na sgeulachdan agaibh a leughadh, nach cuir sibh iad gu oifis@storlann.co.uk

Chluinnear dà sgeulachd à beul-aithris agus aon air a sgrìobhadh le Catrìona i fhèin a tha a’ nochdadh anns an leabhar aice Sgeulachdan Eagalach Feagalach.

’S e cothrom a th’ ann do sgoilearan sgeulachadan thradiseanta a chluinntinn, na sgilean èisteachd is làbhairt agus sgrìobhaidh a leasachadh agus am macmeanma aca a bheothachadh. Siuthadaibh!

An t-Alltan
rachel-kellow-1

 Laoich Spòrs Ghàidhealach – Raonaid Kellow

An t-Alltan

  • Ceumannan – Fàilte gu Ceumannan – Emma Burrows
  • Ceumannan – Fàilte gu Ceumannan air-loidhne – Emma Burrows
  • Ceumannan – A’ dèanamh aonadan Ceumannan eadar-ghnìomhach air Google Docs – Alasdair Bauld
  • Ceumannan – Wordwall – A’ cruthachadh gheamannan air loidhne x 4 – Emma Burrows
  • Fileanta – An làrach-lìn – Màiri NicRisnidh
  • Fileanta – A’ teagasg litreachas aig Nàiseanta 4/5 (Nobhail) – Iain Cuimneach
  • Fileanta – A’ cur eòlas air aonad Runrig – Seonaidh Charity
  • RSHP – Goireas nàiseanta – Diane Brus
  • Google Forms – A’ dèanamh mheasaidhean agus obair-dachaigh – Iain Cuimneach
  • Quizlets – Ceitidh Chaimbeul

30 Latha de  Mhothachas

Leabhar-latha gus inntinn fhosgailte agus smaoineachadh deimhinneach a bhrosnachadh.

Leis an leabhran seo bidh tu a’ cumail d’ inntinn air na rudan deimhinneach nad bheatha. Co-dhiù a bheil iad beag no mòr, tha iad uile cudromach. ’S e dòigh a th’ ann air smaoineachadh air na rudan matha nad bheatha agus grèim a chumail orra.

mindfullness-boy

An Crùnadh

King Charles and Queen Camilla
Crùnadh an Rìgh

Bidh Rìgh Teàrlach III air a chrùnadh Disathairne, 6 Cèitean 2023, ann an Abaid Westminster ann an Lunnainn. Tòisichidh an t-seirbheis aig 11 anns a’ mhadainn.

Aig an t-seirbheis, bidh an Rìgh air a chrùnadh agus thèid Camilla, a’ Bhanrigh Chèile, a chrùnadh na Banrigh.

Làraich-lìn eile

Gàidhlig san dachaigh ann an dòigh a tha feumail ach spòrsail

Gàidhlig nan Òg

Gàidhlig san dachaigh ann an dòigh a tha feumail ach spòrsail
Stòr de ghoireasan tarraingeach do thidsearan bun-sgoile ann am FMG

Lasadh

Stòr de ghoireasan tarraingeach do thidsearan bun-sgoile ann am FMG
Cùrsa farsaing do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig san àrd-sgoil

Ceumannan

Cùrsa farsaing do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig san àrd-sgoil
An làrach-lìn do phàrantan ’s do chlann a tha an sàs ann am Foghlam Gàidhlig

Gaelic4Parents

An làrach-lìn do phàrantan ’s do chlann a tha an sàs ann am Foghlam Gàidhlig

An t-Alltan Air-Loidhne
Dearbhadh Càileachd agus Tragadh
Marina NicLeòid
Iarr Cheannard
Bunsgoil & Sgoil-Àraich Chondobhrait
https://www.storlann.co.uk/an-t-alltan/bun-sgoil-ard-sgoil/

Load More